Mariupol (Donetska Oblast)
Mariupol Маріу́поль Μαριούπολη
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Donetska Oblast | ||||
Co-chomharran | 47° 05 45' Tuath 37° 32 58' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 244 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 431,859 (2021) | ||||
Dlùths | 1,769.91/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 629 | ||||
Duilleag oifigeil | https://mariupolrada.gov.ua/ |
'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Donetsk agus Berdiansk anns An Ucràin a th' ann am Mariupol (Ucràinis: Маріу́поль, Greugais: Μαριούπολη, IPA: mɐr⁽ʲ⁾iˈupolʲ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na Mara Azov, san roinn Donetska Oblast. Tha 431,859 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chanadh Zhdanov - ainm oifigear a' Phàirtidh Comannaich a rugadh an seo - ris a' bhaile bho 1948 gu ruige 1989. Ann an 1991, thàinig Mariupol gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Air 25 an Gearran 2022, thòisich batal cruaidh air taobh iar a' bhaile mar phàirt Ionnsaigh na Ruis air an Ucràin. An ath latha, chaidh am baile a chur fo shèist agus feachdan Ruiseanach a' bomadh a' bhaile fhad 's a bhathar a’ dèanamh air a' phort, a bha na amas ro-innleachdail airson smachd a chumail air a’ Mhuir Azov.[1] Chaidh stad-teine ann fad beagan uairean air an deicheamh latha den ionnsaigh air 5 am Màrt 2022, bho 10m gu 4f a leigeadh pàirt de na sìobhaltaich theiche. Air 9 am Màrt 2022, thuirt an t-àrd-bhàillidh gun do bhàsaich co-dhiù 1,207 duine fad 9 latha. Air an aon latha, bhomaich Arm na Ruise ospadal chloinne.[2] Thuirt Volodymyr Zelenskyy, ceann-suidhe na h-Ucràin, gur e eucoir cogaidh a bh' ann. Air 17 am Màrt 2022, thuirteadh gun deach mu timcheall air 80% taighean a' bhaile a mhilleadh le bomaichean Ruiseanach.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Arkhip Kuindzhi (1841 - 1910) Peantair.
- Andriy Zhdanov (1896 - 1948) Neach-poileataigs.
- Viacheslav Voron (1967) Dannsair.