Santo Domingo (Antioquia)
Santo Domingo
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 1638m | ||||
Co-chomharran | 06 28' 15' Tuath 75° 09' 57' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 271 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 11,567 (2005) | ||||
Dlùths | 42.68/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Santo Domingo. Tha e suidhichte aig 1,975m os cionn ìre na mara agus 69km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 18˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1778.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha dìreach 2,199 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 11,567 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santo Domingo, ach 1.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Santo Domingo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 19.3% nan dachaigh.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santo Domingo. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
[deasaich | deasaich an tùs]- Botero
- Porce
- Santiago
- Versalles
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Tomás Carrasquilla (1858 - 1940) sgrìobhadair
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ World Weather
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia