Jump to content

Umachan

O Uicipeid
Aon de na tobhtaichean ann an Umachan

'S e làrach baile ann an ceann a tuath Ratharsair a th' ann an Umachan. A rèir choltais, chaidh Umachan agus bailtean eile ann an ceann a tuath Ratharsair (An Torran, An Caol, Sgòrr, An Doire Dubh) a thogail ann an 18mh linn, oir bha àireamh an t-sluaigh ann an Ratharsair a' dol suas agus cha robh fearann gu leòr ann an ceann a deas airson a h-uile teaghlach. Às dèidh nam fuadaichean ann an 19mh linn, bha a' mhòr-chuid den gnàth-mhuinntir a' fuireach ann an cean a tuath, oir bha ceann a deas Ratharsair fo chaoraich.

Eachdraidh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Umachan a' nochdadh ann an clàraidhean-màil bho 1827. A rèir choltais, b' e sin a' chiad iomradh air a' bhaile a-riamh.[1] Thàinig dà theaghlach à Hallaig às dèidh nam fuadaichean.[2] Ann an 1883, ghabh Iain MacGilleÌosa[2] pàrt ann ann rannsachadh a rinn Coimisean Napier air suidheachadh nan croitearan às leth muinntir Umachan.[1] Bha daoine fhathast a' fuireach ann anns a' chiad leth de 20mh linn.

Àireamh an t-sluaigh[1]

[deasaich | deasaich an tùs]
Bliadhna Teaghlaichean Daoine
1841 4 22
1851 4 23
1861 8 34
1871 8 43
1881 6 31
1891 5 26

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na 1850an, bha Aonghas Mac GilleÌosa, clachaire, a' fuireach ann. B' esan sinn-sinn-seanair Joe Strummer, seanadair ainmeil a bha 'n sàs anns a' chòmhlan-ciùil The Clash.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Sharpe, Richard. Raasay: A Study in Island History. Documents and Sources - People and Places (Lunnainn: Grant and Cutler Ltd, 1978) 228-229.
  2. 2.0 2.1 Torran, Raasay, 22 May 1883 - John Gillies (Umachan). Napier Commission in the Isle of Skye.
  3. Ross, Peter. "Joe Strummer’s bandmate and biographer on The Clash’s famous frontman." 16 an Dùbhlachd 2012, The Scotsman.