Càrn na Claise
Càrn na Claise | |
---|---|
Càrn na Claise bhon Deas | |
Àirde (m) | 1064 |
Àirde (tr) | 3490 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Bràigh Mhàrr |
Mapa cumadh-tìre | Ordnance Survey Landranger 43 |
Comharradh-clèithe | NO18557889 |
'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Càrn na Claise, Beurla: Cairn of Claise. Tha e 1064 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Chan eil ciall an ainm soilleir, ged a tha iomadh neach air feuchainn ri mìneachadh a thoirt seachad.[1].
Tha a' bheinn suidhichte dìreach 4km san ear den rathad A93, mu 13km san deas de Bhràigh Mhàrr agus mu 4km san ear san ear thuath de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. 'S e an dòigh as luaithe a bhith a' tòiseachadh bhon rathad A93 agus a' dìreadh bho thaobh an iar-thuath thairis air Sròin na Gaoithe. Dh'fhaodadh a ceangal le Càrn an Tuirc san tuath, agus Glas Maol agus Creag Leacach san deas[2], agus fiù 's leis an dà bheinn rothaich san iar, Tolmount agus Tom Buidhe.
'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.