Glas Maol
Glas Maol | |
---|---|
Glas Maol bhon tuath | |
Àirde (m) | 1,068 |
Àirde (tr) | 3,503 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Bràigh Mhàrr |
Mapa cumadh-tìre | Ordnance Survey Landranger 43 |
Comharradh-clèithe | NO16707657 |
'S e beinn faisg air Bràigh Mhàrr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a tha ann an Glas Maol. Tha e 1068 meatair a dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Tha a' bheinn suidhichte mu 2.5km san ear den rathad A93, mu 15km san deas san ear-dheas de Bhràigh Mhàrr agus mu 3km san ear san ear dheas de dh'ionad-sgìthidh Ghleann Sìth. Mar as trice bithear ga dhìreadh bhon ionad-sgìthidh. Dh'fhaodadh a cheangal le Càrn an Tuirc, Càrn na Claise san tuath agus Creag Leacach san deas[1], agus fiù 's le Tolmount agus Tom Buidhe san ear-thuath. Tha lioft-sgithidh a' dol suas faisg air a' mhullach tro Choire Fionn san iar-thuath agus tha cothrom ann dol sìos le sgìthichean sa choire sin cuideachd agus air druim a tuath.
'S e àrd-chlàr mòr a th' anns an sgìre sin, agus chìthear luchd-sgìthidh a' mhonaidh air, a bharrachd air luchd-sgìthidh air an ionad-sgìthidh air na beanntan faisg air làimh. Gheibhear seallaidhean air àrd-chlàr a' Mhonaidh Ruaidh a Deas Loch na Gàir agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh a Tuath.