Jump to content

Santa Fe de Antioquia

O Uicipeid
Santa Fe de Antioquia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 500m
Co-chomharran 6° 33″ Tuath
75° 49″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 499 km²
Àireamh-shluaigh 22,903 (2005)
Dlùths 45.9/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Shanta Fe de Antioquia

'S e seann phrìomh-bhaile na h-Antioquia,[1] ann an Coloimbia a th'ann an Santa Fe de Antioquia. Tha am baile suidhichte mu 50 cilemeatair gu tuath air Medellín. Tha timcheall air 23,000 duine a' fuireach an seo. Chaidh am bailea steidheachadh ann an 1541.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Guadalajara de Buga, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Santa bhon fhacal Laideann Sanctus[2] (Coisrisgte) agus Fe (Creideas) bhon fhacal Laideann Fides.[3] Thathar a' creidsinn gur e facal Tùsanach a th'ann an eileamaid Antioquia, 's dòcha bhon na Anti, sluagh Arawak a bha nan tàmh an seo mus do ràinig na Spàinntich.[4]

Leis an fhar-ainm Baile na Mathar, ‘s e, gun teagamh, fear dhe na bailtean as gràidhichte leis na daoine a Antioquia agus luchd turasachd bho air feadh na cruinne a th’ann Santa Fe de Antioquia. Tha na sràidean cloiche, na dorsan co-àiteachail, na for-uinneagan agus na h-eaglaisean àlainn aige gar toirt air ais gu seann linntean son cianalas na làithean a dh’fhalbh fhaireachdainn a-rithist.

Chaidh Santa Fe de Antioquia a steidheachadh leis a’ Mharasgal Jorge Robledo 4mh an Dùbhlachd 1541, agus tha am baile na laighe aig 79 cileameatair bho Mhedellín ann an aide an iar Antioquia (Roinn).

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 22,903 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 9,267 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Santa Fe de Antioquia, agus tha 29.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 83.2% dhe na daoine ann an Santa Fe de Antioquia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 44% dhe na dachannan.[7]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Fe de Antioquia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Santa Fe de Antioquia (Medellín)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Huellas Ka-Tu-Gua ann an Google Books
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE[dead link]
  8. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: