Tobar an Dualchais
'S e pròiseact culturail a th' ann an Tobar an Dualchais / Kist o Riches. Chaidh Tobar an Dualchais a stèidheachadh gus clàran-fuaim Gàidhlig is Albais "a ghleidheadh ann an cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne".[1] Tha na clàran-fuaim a' tighinn bho Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, bho BBC Alba, agus bho Chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.[1]
Chaidh Tobar an Dualchais a chur air chois mar phròiseact co-obrachaidh stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh na clàran fhèin a chruinneachadh bho air feadh na h-Alba bho na 1930an a-mach. Chaidh an làrach-lìn fhoillseachadh airson na ciad uarach ann an 2010 agus tha a-nise còrr is 34,000 clàr rin cluinntinn oirre. Tha farsaingeachd mhòr air an làraich, a’ gabhail a-steach beul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan. Tha Tobar an Dualchais air aithneachadh mar ghoireas luachmhor airson foghlaim agus rannsachaidh ann an dualchas, cànanan is cultar na h-Alba. Tha an làrach ʼna goireas bunaiteach airson cùrsa ùir ann an Dualchas agus Cultar na h Alba a tha air a lìbhrigeadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Dhùn Èideann. Tha mòran sheinneadairean agus luchd-ciùil cuideachd a’ dèanamh feum dhith.
Fhuair Tobar an Dualchais maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba ann an 2014.[2]
Luchd-obrach
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Flòraidh Forrest stiùiriche a' phròiseict. Thòisich i san dreuchd ann an 2019.[3]
Foillseachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 2014. Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist O Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais)
- Ro-ràdh le Chris Wright, d.8-15 (agus sa Bheurla d.1-7)
- A' Coimhead na Cruinne bho Ghuailnibh nam Fuamhair: Dualchas Do-làimhseachail na h-Alba le Iain Seathach, d.16-23 (agus sa Bheurla d.24-30)
- Connecting with Stories le Donald Smith, d.31-35 (Beurla a-mhàin)
- Bho Thoiseach gu Deireadh: Taghadh do dh'Obair-cruinneachaidh Chaluim MhicGilleathain le Anndra Wiseman, d.36-41 (agus sa Bheurla d.42-47)
- Customs - Cleachdaidhean le Mairead Bennett, d.48-53
- O Bheul na Tobrach le Iona NicDhòmhnaill, d.54-56 (agus sa Bheurla d.57-59)
- A Preen Tae See the Peepshow: Children's Songs and the Kist le Ewan MacVicar, d.60-63
- Iain Pheadar à Taobh a Deas Loch Baghasdail Gillebrìde Mac'IlleMhaoil, d.64-67 (agus sa Bheurla d.68-70)
- Hamish Henderson (1919-2002): Fieldworker and Collector le Alison McMorland, d.71-75 (Beurla a-mhàin)
- Peanaidh Mhoireasdan às an Ìochdar an Uibhist a Deas le Iseabail T. NicDhòmhnaill, d.76-81 (agus sa Bheurla d.82-88)
- The Scots Leid in the Kist o Riches le Caroline Macafee (Albais d.89-92, Beurla d.93-96)
- An t-Urr. Uilleam MacMhathain le Ceana Chaimbeul, d.97-100 (agus sa Bheurla d.101-4)
- Davy Hutchison (1899-1975), Accordionist le Stuart Eydmann, d.105-108 (Beurla a-mhàin)
- Iain Latharna Caimbeul, 'Fear Chanaigh', agus an Obair Clàraidh a Rinn e le Ùisdean Cheape, d.109-113 (agus sa Bheurla d.114-116)
- Songs from the Island of Whalsay, Shetland le Peter Cooke, d.117-122
- A' Cleachdadh Tobar an Dualchais ann an Teagasg agus Rannsachadh, le sùil gu sònraichte aig Loch Aillse is Cinn Tàile le Màiri Sìne Chaimbeul, d.123-126 (agus sa Bheurla d.127-130)
- Why is the Kist o Riches so Important? le Peter Shepherd, d.131-136 (Beurla a-mhàin)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Tuilleadh mu "Tobar an Dualchais"
- ↑ 2014. Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist O Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais)
- ↑ “STIÙIRICHE ÙR AIRSON PRÒISEACT DUALCHAIS NÀISEANTA” (Gàidhlig). Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 6mh dhen Ògmhios 2019.